Fògradh, Fàisneachd, Filidheachd Page 23
Thug mi gaol, gaol, gaol,
Thug mi gaol do ’n fhear bhàn,
Thug mi luaidh dhuit a ghaoil,
Och cha ’n fhaod mi bhi slàn.
Och is mise tha fo leòn,
’S mi na m’ ònar an tràth s’;
’S cruaidh leam adhbhar mo bhròin,
Fhuair mo Dhòmhnallach bàs.
Shiubhlainn leat air feadh an t-saogh’l
’S luchd mo ghaoil air mo chùl;
Nam biodh tusa ri mo thaobh
Bhithinn aotrom fo shunnd.
Shiubhlainn leat air muir is tìr,
Feadh nan Innseachan thall;
Nam biodh tusa na mo chòir
Cha bhiodh leòn orm no call.
Ach a nis bho ’n chaidh tu eug
Bidh mi deurach do ghnàth;
Och! Is trom air an fheur
Bhios mo cheum h-uile là.
Ged a sheasas mi aig d’ uaigh,
’S brònach truagh leam an t-àit’;
Cha bhi choinneamh ud ach cruaidh,
’S tus’ am fuar-ghlaic a’ bhàis.
A nìonaga nan leadan donn,
Feadh nan tom so tha tàmh,
Deanaibh maille rium co-bhròn,
Oir cha bheò fear mo ghràidh.
O nach gabh sibh rium-sa truas,
’S mi gu truagh air mo chlaoidh,
Cosmhail ris a’ chaillich-oidhch’
Feadh nan coilltean a’ caoidh.
A nigheana na Beinne Guirm
Cha chùis-fharmaid mi fèin,
Bho nach faic sibh fear mo ghaoil
Ri mo thaobh air an fhèill.
Nuair a bhios mi ann am shuain
Bidh mi bruadar gun tàmh
Air an òganach shuairc
Bha na b’ uaisle na càch.
Chuir mi umam culaidh bhròin,
Ged bu neònach an gnàth;
’S tha mi cianail gu leòr
Ged nach eòl sin do chàch.
Tha mi fàsgadh nan dòrn,
Air mo leòn ’s air mo chràdh,
Bho nach d’ fhuair mi bhi pòsda
Ri òigear mo ghràidh.
Màiri Lurach
(Sgrìobh am Blàrach an t-òran seo ann an Ì Chaluim Chille anns an Iuchar 1851 nuair a thill e à Canada a phòsadh Màiri NicIllEathain)
Hò! mo Mhàiri lurach,
’S tu mo Mhàiri ghrinn,
Ho! mo Mhàiri lurach,
’S tu mo Mhàiri bhinn,
Ho! mo Mhàiri lurach,
’S tu mo Mhàiri ghrinn,
Màiri bhòidheach laghach,
’S tu mo roghainn fhìn.
Nuair a theid mi dh’ fhuireach
Anns a’ choille mhòir,
Bidh mi aoibhneach, subhach,
Aighearach gu leòr.
Ma bhios Màiri mar rium
Teichidh gal is bròn;
Cha bhi ’n aimsir fada
Gabhail thairis oirnn.
O! thig leam do’n fhàsach,
Fàg do mhuinntir fèin;
Tìr do bhreith is d’ àraich,
Fàg sin air do dhèidh.
Ged a bhiodh e cruaidh leat
Sgaradh uath gu lèir,
Na cuireadh e ort smuairean
Dol thar chuan leam fhèin,
Thig air falbh gun dàil leam,
Fàg do mhàthair chaomh,
Do phiuthar is do bhràthair,
D’ uile chàirdean gaoil;
Is thig leamsa thairis
Dh’Aimeireaga nan craobh,
Tìr ro ghreadhnach fharsainn,
Ged nach faicear fraoch.
’S truagh nach robh thu, Mhàiri,
Leam ’san fhàsach thall,
Feadh nan coilltean dlùth ’s an
Dùthaich tha gun cheann.
Cha bhiodh bròn no airsneal
Orm, no fadal ann;
Nam biodh tusa làmh rium
Bhithinn slàn gach àm.
Ach mur teid thu leam-sa
Bidh mi tùrsach trom;
Cha bhi gean no sunnd orm,
Bidh mi ciùrrt’ am chom;
’Chaoidh cha seinn mi òran,
Luinneag, ceòl, no fonn;
Ni do ghaol ro shearbh mi
Mur a falbh thu leam.
(13 Samhain 190)
Oran Posaidh
(Air a’ chiad latha den Lùnastal 1882 bha am Blàrach a’ dèanamh seirbheis pòsaidh agus sgrìobh e an t-òran seo mar gum b’e fear-na-bainnse a rinn e. B’ e fear-na-bainnse an t-Urr.Alasdair MacIlleathain Sinclair. Bha e fhèin agus am Blàrach ’n an dlùth charaidean).
Chaidh an comunn, an comunn,
Chaidh an comunn air chùl ;
Chaidh an comunn o chéile,
Cha dèan feum ach fear ùr.
Soraidh slàn le mo mhàthair,
A thug gràdh dhomh o thus ;
’S òg a rinn i mis’ àrach
Na mo phàisd air a glùin.
Tha mi ’nise ga fàgail
Air son Màiri mo rùin ;
Og-bhean uasal nam blàth-shùl,
Rinn mo thaladh le mùirn ;
Maighdean uasal ro àlainn,
Thug mi gràdh dhi as ùr ;
’S i mo roghainn gu bràth i,
Cuiream càch air mo chùl.
Bidh i leam anns gach àite,
Oir ’s i làn mo dha shùl.
Cha sgar nì ach am bàs sinn,
Sud an tràth so mo dhùil.
Mar a’s ait leinn, am Blàrach
Thig gu ’r tàthadh ri chéil’,
Do réir riaghailt an àite,
Agus àithne na cléir’.
Nuair a gheibh mi air làimh i
Ni mi gàirdeachas rèidh ;
Cha bhi duine ’san àite
’Bhios cho sàsaicht rium fèin.
’S i bean chomuinn mo ghràidh i
Fad mo làithean fo ’n ghréin,
Air mo thuras troimh ’n fhàsach
Dh› ionnsaigh Pàrras mo Dhé.
’S e mo ghuidhe le làn-toil,
I bhith sàbhailt’ gach ré,
Ann an comunn an Ard-righ
A thug gràdh dhuinn nach tréig.
(5 Iuchar 1901)
Triall nan Creidmheach
Gabhaidh sinn an rathad mòr,
Gabhaidh sinn an rathad mòr,
Gabhaidh sinn an rathad mòr,
Olc air mhath le Sàtan.
Olc air mhath le cloinn an t-saogh’l,
Olc air mhath le cloinn an t-saogh’l,
Olc air mhath le cloinn an t-saogh’l,
Bodaich chaol an àrdain.
Siubhlaidh sinn tro ’n fhairge Ruaidh,
Gheibh sinn thairis air gach truaigh’,
Ged a bhiomaid thuige ’s bhuaith’,
Fad ar cuairt ’s an fhàsach.
Ged bhiodh Eipheitich ’nar dèidh,
Gus ar toirt a rìs fo ghèill,
Cha tig maille air ar ceum,
Cha tig beud gu bràth oirnn.
Gabhaidh sin mar sin ar triall,
Gus an ruigear leinn an sliabh,
Ionad far nach laigh a’ ghrian,
Cha tig pian no bàs oirnn.
Dìridh sinn beinn Shion suas,
Far am meal sinn aoibhneas buan;
Seinnidh sinn le caithream buaidh
Dh’aindeoin sluagh an nàmhaid.
Triallaidh sinn an ainm an Rìgh;
Ni sinn cogadh agus strì
Gus an ruigear leinn an tìr
’S am bheil sìth neo-bhàsmhor.
Ged t
ha ifrinnich air tì
Sinne chur le foill gu dìth,
Bidh sinn tèaraint’ aig a’ chrìch
Dh’aindeoin innleachd Shàtain.
Eas Niagara
(Is i seo a’ bhàrdachd as iomraitiche a rinn Donnchadh Blàrach. Sgrìobh e i nuair a bha e ann an Canada Uachdrach, no Ontario, ann an 1848. Chaidh a foillseachadh an toiseach anns an iris An Gàidheal ann an 1871, agus bha i ann an trì leabhraichean: Clàrsach na Coille (1886);Bàrdachd Gàidhlig (1918); agus Caran an t-Saoghail (2003). Tha caochladh thionndaidhean air briathrachas na bàrdachd anns na h-irisean agus na leabhraichean. Bha dà shreath de thè de na ceathramhan agus beagan fhaclan nach robh idir ann am Mac-Talla no An Gàidheal ach, o’n a bha iad anns na leabhraichean, chuir sinn an seo iad. Tha an còrr de’n dàn stèidhichte air mar a nochd i ann am Mac-Talla air 31 Dàmhair 1896.)
A Thì mhòir a chruthaich na dùilean,
’S a shocraich an cruinne
Le d’ ghàirdean cumhachdach neartmhor
Air a bhunait;
’S glòirmhor an obair a rinn thu,
Niagara ainmeil,
An t-eas mòr a rinn thu ’chumadh
’S an t-seann aimsir.
Sud an t-eas iongantach lòghmhor,
Eas mòr na gàirich,
Eas ceòthranach, liathghlas na smùidrich
’S na bùirich ghàbhaidh;
Eas fuaimearra labhar na beucail
A’ leum ’na steallaibh
Thar bhile nan creagan aosmhor
Na chaoiribh geala.
Gu srideagach, sradagach, sneachd-gheal
’S a dhreach soilleir
A’ teàrnadh o bhraìghe gu ìochdar
Le dian bhoile;
Sruth uaine mu ’mhullach
’S a’ ruith na dheannaibh
Thar bharraibh nan stacan àrda
Le gàir mhaireann;
Le slachdraich ghailbheach a’ tuiteam
An slugan domhain,
Gu linneachaibh dubhghorm doilleir
A’ goil mar choire.
An t-aigeal ’ga thionndadh o’n ìochdar
Le fìor ainneart,
’S an glas-uisge brùchdadh an uachdar
Le luaths saighde;
An linne ga sloistreadh ’s ga maistreadh
Troimhe chèile,
’S i fosgladh a broillich doilbh
Ris na speuraibh.
B’iongantach an sealladh bhi faicinn
Deatach liath-ghlas
Ag èiridh anns an adhar
Ri latha grianach;
An uair shealladh tu fad’ air astar
Air an iongnadh,
’S e theireadh tu gur bàta-toite
A bh’ann le smùidrich.
Ach ’nuair thigeadh tu ’m fagus da
Ghabhail beachd air,
Throm-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal
Le braonaibh dealt thu;
Is chitheadh tu am bogha-froise
Le dhathaibh sgiamhach,
Ged bhiodh sìde thioram sheasgair
Anns an iarmailt.
Am mìn-uisge tuiteam mu’n cuairt dhuit
Air an àilean,
’S an fhaiche gu h-ùrail uaine
Mar a b’àill leat;
Na craobhan a’ cinntinn dosrach,
’S lusan ùr-ghorm
A’ fàs le feartaibh na grèine
Gu rèidh fo ’n driùchd ud.
Na liosan a tha mu d’thimcheall
Chan iarr uisge,
Chan aithne dhaibh idir tiormachd
Ri aimsir loisgich.
Cha tuigear leo ciod as ciall do
Bhi gun fhliche,
Ged theannaicheadh gach àit’ mun cuairt daibh
Mar chruas cloiche.
Tha ’n t-adhar gun ghoinne gun chaomhnadh
A’ taomadh feartan
A stòras do-thraoghadh na h-aibhne
Gu saoibhir beartach;
Dh’fhàg aghaidh an fhuinn ud
A dh’oidhche ’s a latha
Gu h-ùrail uain-fheurach àlainn
A’ fàs gu fallain.
Nuair theàrnadh tu sìos do’n t-slugan
Gu oir an uisge,
Bhòdhradh an tormanaich uamhaidh
Do chluasan buileach.
Nuair shealladh tu ’n sin mun cuairt duit
Air a’ chas-shruth,
Chuireadh tu do cheann ’na thuaineal
Is tu ’nad bhreislich.
Is nuair a thigeadh tu ’m fagus do’n
Phlaide liath-ghlais,
Tha ’n crochadh ri aghaidh na creige,
Bhiodh geilt is fiamh ort.
Nuair shèideadh a’ ghaoth gu làidir
’S an t-uisge frasach
’Ga chathadh gu fiadhaich a d’ aodann
Gach taobh ’gan teich thu;
Mar latha gailbheach ’s an Fhaoilteach
Le gaoth is uisge,
A fhliuchadh am prioba na sùl thu
’S a dhrùidheadh tur ort.
Mar osaig o inneal-sèididh
Fùirneis iarainn,
’S amhlaidh ghaoth sgalanta chruaidh ud
Thig le dian neart,
Eadar a’ charraig ’s an steall a tha
Nuas a’ tuiteam;
An còmhdach a tha air do cheann
Is gann gu fuirich.
Shaoileadh tu gun d’ èirich doineann
Anns an iarmailt,
Ged tha an t-sìde ciùin mar bha i,
Deàrrsach grianach.*
Ach trian chan urrainn mi aithris
De gach iongnadh
A tha ri fhaicinn air an eas ud,
An t-eas cliùiteach;
Bu mhòralach greadhnach an sealladh*
E gun teagamh;
Ma tha iongantas air an t-saoghal
Is aon dhiubh esan.
Mìltean tunna gach mionaid
A’ tuiteam còmhla
Thar bhile na creige do’n linne
’Na aon mhòr-shruth.
Is dlùth air ochd fichead troighean
Anns an leum ud,
O bhràighe gu ìochdar na creige
’N a seasamh dìreach.
’S a’ chreag ud gu h-àrd aig a mullach
Air chumadh leth-chruinn,
Cosmhail ri crudha ’n eich charbaid
No leth cearcaill.
An t-uisge a’ spùtadh ’na steallaibh
A mach gu fada
O bhonn na creige san linne,
Fichead slat uaip’.
Chluinneadh tu a thorman seachd mìle
Uaith air astar,
Mar thàirneanach anns na speuraibh
Ri beucaich neartmhor.
’S nuair bhiodh tu ’nad sheasamh làimh ris,
B’ amhlaidh thartar
Is mìle carbad air cabhsair
Nan deann dol seachad.
Gun critheadh an t-adhar mun cuairt duit
Leis na buillibh
Tha ’n t-uisge trom a’ sìor bhualadh
Air o’n mhullach;
Is maoth-chrith air an talamh throm
Fo bhonn do chasan,
Mar mhothaichear latha stoirmeil
Taigh ’ga chrathadh.
Ach ged bhiodh mìle teang’ am bheul
Chan innsinn uile
Na h-iongantais a th’ air an eas ud;
Mar sin sguiream.
*Dà shreath agus trì faclan nach robh idir ann a Mac-Talla
Sgrìobhaidhean le Donnchadh MacIlleDhuibh Blàrach
Anns an liosta a leanas tha sgrìobhaidhean leis a’ Bhlàrach a chaidh am foills
eachadh ann an leabhraichean, duilleachain agus caochladh irisean mar Mac-Talla, An Gàidheal, Albannach Chanada agus Naidheachdan Phictou. Chan eil an liosta iomlan oir bha am Blàrach a’ foillseachadh stuth ann an iomadh iris ‘na latha. A measg phàipearan eile anns an do nochd na sgrìobhaidhean aige tha an Oban Times, an Inverness Highlander, Halifax Presbyterian Witness, agus Transactions of the Celtic Society of Montreal.
Publications by Duncan Black Blair
The following is a list of published items by Blair including books, pamphlets and various periodicals, namely Mac-Talla, An Gaidheal, the Canada Scotsman and the Pictou News. This is necessarily an incomplete list as Blair published in many periodicals in his day. Other newspapers in which his contributions may be found include the Oban Times, the Inverness Highlander, the Halifax Presbyterian Witness, and the Transactions of the Celtic Society of Montreal.
Books & Pamphlets
Marbh-rann do’n Urramach Iain Ceanaideach; Ministear an t-soisgeil a bha ann an Sgireachd Chill-Earnain ann an Siorramachd Rois. Le Donnchadh Blàrach, Foghlumaiche ri Diadhaireachd ann an Ollhamait Dhun-Eidin. Edinburgh, 1843.
A Dissertation on the Degrees of Kindred which Bar Marriage, According to Leviticus xviii and xx. Halifax, 1873.
Duanagan Soisgeulach, Gospel Sonnets Being Translated into Gaelic with the English Originals. New Glasgow, 1881.
Aiseirigh na Gaidhealtachd no Aiseag nan Gaidheal Do’n Fhearann Bho’n D’fhogradh iad. New Glasgow, no date.
Perfection and Sinlessness. New Glasgow, 1887.
The Psalms of the Apocalypse. New Glasgow, 1893.
Coinneach Odhar: Am Fiosaiche. Sydney, 1900.
Newspapers (uncertain). From scrapbooks in Nova Scotia Archives and Records Management (NSARM):
“Cead Deireannach do thir nam Beann ’s a’ bhliadhna 1846” Oban Times? (See scrapbooks in Maclean, Sinclair Family Fonds, MG9/544/541, NSARM), date unknown.
“Turus do dh-America Tuath anns a’ Bhliadhna 1846, II,” Canada Scotsman? (See scrapbooks in Maclean, Sinclair Family Fonds, MG9/544/542, NSARM), Ceud Mios an Fhoghair, 21, 1869.
Canada Scotsman
“Turusan air feadh Nuadh-Albainn agus Eilean Prionnsa Eideard anns a’ Bhliadhna 1846.” 25 December 1869: 7
“Turus air feadh Eilean Cheap Breatuinn, anns a’ Bhliadhna 1847.” 15 January 1870: 7.
“Turus do Chanada Uachdarach anns a’ Bhliadhna 1847.” 29 January 1870: 7.
“Mu na Seann Ghaidhil, I.” 11 June 1870: 7.
An Gaidheal
Mu na Seann Ghàidheil I I, Dara Mìos an t-Samhraidh, 1871, 2-3.
Mu na Seann Ghàidheil I 1.2, Dara Mìos an Fhoghair, 1871, 19-20.
Niagara [Dàn air Eas Niagara] 1.2, Dara Mìos an Fhoghair, 1871, 30-31.
Mu na Seann Ghàidheil III 1.3, Dara Mìos a’ Gheamhraidh, 1871, 47-48.
Mu na Seann Ghàidheil IV 1.4, Dara Mìos, an t-Samhraidh, 1872, 76-77.