Free Novel Read

Fògradh, Fàisneachd, Filidheachd Page 20


  Is e Ninian a’ cheud neach air am bheil iomradh sam bith againn, aon de na seann Bhreatannaich a rugadh mu’n bhliadhna A.D. 360 agus a thàinig a shearmonachadh do cheann deas na h-Alba mu’n bhliadhna A.D. 400. Tha an t-Eachdraiche Bede ag ràdh “Gu’n deachaidh na Pictich dheas iompachadh o iodhol-aoraidh agus an toirt gu eòlas na fìrinn le Ninian, duine naomh de na Breatannaich.” B’iad na Pictich dheas na Gàidheil a bha fuireach air taobh deas nan Garbh-bheanntan (Grampians) anns an tìr a tha dèanamh suas siorramachd Fiofa, pàirt de shiorramachd Pheairt, Shruithleadh agus Aonghais. B’ anns na h-àitibh so gu sònraichte a bha Ninian a’ searmonachadh an t-soisgeil, gidheadh is cosmhail gu’n robh e dol air thurasaibh na b’ fhaide gu tuath, do bhrìgh gu’m bheil mòran eaglaisean no chilltean air an ainmeachadh airsan agus cuid diubh sin an ceann tuath na Gàidhealtachd.

  An dèidh Ninian thàinig Palladius mu’n bhliadhna A.D.432. Bha esan air tùs a’ searmonachadh ann an Eirinn ach à sin thàinig e nall do dh’Albainn far an do shearmonaich e an soisgeul agus fhuair e bàs ann an siorramachd Chinn-Chàrdainn, ann an tìr nam Picteach, am measg nan Seann Ghàidheal. Gidheadh, a rèir teisteanais nan seanchaidhean eaglaiseach bha teachdairean am measg nan Gàidheal roimh na daoine so a shearmonaich an soisgeul, a theagaisg an creideamh agus a fhritheil na sàcramaidibh dhaibh ged nach ’eil an ainmean an diugh air an cumail air chuimhne. Rè fad dà cheud bliadhna roimh theachd Ninian bha an creideamh Crìosdaidh am measg nan Gàidheal a rèir briathran Thertulliain agus is cosmhail do bhrìgh gu’n robh an luchd-teagaisg so a’ tuineachadh ann am bothanaibh agus an cùiltibh uaigneach, fàsail gu’n d’ thugadh “Na Cùiltich” mar ainm orra le luchd-àiteachaidh na tìre, ma dh’ fhaodaite ann an sgeig mar a thàinig an t-ainm “Puritans” ann an linnibh an dèidh so.

  Bha na Cùiltich ’n an daoine diadhaidh, foghlaimte; agus chuir iad seachad an ùine ann an ath-sgrìobhadh nan Sgriobtaran naomha, ann an ùrnaigh agus ann an trasgadh. Bha iad a’ searmonachadh do na Gàidheil a bha ann an taobh deas na Gàidhealtachd ach bha na Gàidheil ’s an àirde tuath, anns an dùthaich ris an abrar a nis siorramachdan Inbhirnis, Rois, Chataibh agus Ghallaibh, maille ris na h-eileanaibh mu thuath agus an iar, air an còmhdachadh le dorchadas an aineolais, agus le tiugh cheò an iodhol-aoraidh, gus an d’ thàinig Calum-cille d’ an ionnsaidh le sgeul aoibhneach na slàinte.

  Bha taobh tuath na Gàidhealtachd còmhdaichte le tiugh-dhorchadas an iodhal-aoraidh, agus aineolach air Rathad na Slàinte troimh Chrìosd gus an d’ thàinig Calum-cille. Mu’n bhliadhna A.D. 563 dh’fhàg e Eirinn a chum an soisgeul a shearmonachadh do na Gàidheil Albannach agus aig an àm sin bha e mu thimcheall dà bhliadhna agus dà fhichead de dh’aois. Thàinig dà fhear dheug eile maille ris a chum a bhi ’nan luchd-cuideachaidh aige ann an craobh-sgaoileadh an t-Soisgeil. Bha na daoine so càirdeach dha fhèin agus is cosmhail gu’n robh iad air an dùsgadh suas agus air an stiùireadh leis an aon Spiorad cheudna.

  Bhuineadh Calum-cille fèin do theaghlach rìoghail na h-Eireann, oir b’e Feilim, mac Fhearghais, mhic Chonail, mhic Nèill naoigheallaich, a bha ’na cheann-taighe chlann Nèill agus ’na rìgh air Eirinn, a b’ athair dha. Bha e mar an ceudna càirdeach do theaghlach rìoghail nan Scuiteach ann an Earraghàidheal, oir b’e Feilim, mac Fhearghais a bha ’na rìgh an Earraghàidheal; agus aig an àm sin bha Conall, mac Chomhail, mhic Dhomhanairt, mhic Fhearghais, a charaid fèin ’na rìgh air na Scuitich. Bha an rìgh so ’na iar-ogha bràthair sinn-seanar do Chalum, mac Fheilim.

  Dh’fhàg Calum agus a chompanaich Eirinn ann an curach no eathar de shlataibh caol air am figheadh agus air an còmhdach a muigh le seicheannan. Sheòl iad astar fada air a’ chuan gus an d’ thàinig iad air tìr ann an Ì-Chaluim-chille, aig àite ris an abrar o’n àm sin Port-a’-churaich. Tha an t-Eachdraiche urramach Bede ag ràdh gu’n d’ thug Bruidhi, rìgh nam Picteach, còir do Chalum air Eilean Ì gu bhi mar sheilbh aige fèin air son feum na h-eaglais. Tha feadhainn eile ag ràdh gu’n d’ fhuair e còir air an eilean o Chonall, rìgh nan Scuiteach, a charaid fèin. Faodaidh e bhi gu’n robh làmh aig an dà rìgh Ghàidhealach so le chèile anns an eilean a dhaingneachadh mar sheilbh do Chalum agus do’n eaglais, gu’n robh e mar gu’m b’ann ’s a’ chrìch eatarra, agus goireasach do gach aon de’n dà rìoghachd.

  An dèidh do Chalum-cille e fèin a shocrachadh ann an Ì, chaidh e air thuras gu Bruidhi, Rìgh nam Picteach a bha aig an àm so a’ còmhnaidh aig ceann an iar Loch Nis far am bheil an abhainn Nis a’ fàgail an Loch. Bha an turas so ceud gu leth mile air astar bho Ì-Chaluim-chille. Aig an àm sin bha an t-slighe garbh, deacair ri ’siubhal, le beanntaibh agus le aibhnichibh, maille ri caolasan-mara ’n uair nach robh rathaidean-mòra sam bith ann, no bàtaichean-aisig ach gann ri’m faotainn. Chaidh e air a thuras troimh Ghleann-mòr-na-h-Alba, seachad air an Apainn, Coran-àirde-gobhar, Inbhir Lòchaidh agus Leitir-Fhionnlaigh; agus thadhail e an Gleann-Urchadain far an robh seann duine air iompachadh agus air a bhaisteadh. Ghabh e an sin air adhart gu ruig am Ban-àth aig ceann an ear Loch Nis far an robh caisteal an rìgh, ’s an àite ris an abrar an diugh Caisteal Spioradan. Aig an àite so choinnich e ri Brichean, ceannard nan Druidhneach, sagartan pàganach nan Seann Ghàidheil, a thug ionnsaidh air cur ’n a aghaidh a chum an Rìgh a thionndadh o’n chreideamh Chrìosdaidh. Ach cha deachaidh so leis, oir thug Calum buaidh air mu dheireadh, agus dh’ iompaicheadh an Rìgh gus an Soisgeul a chreidsinn. An dèidh sin bhuadhaich an Soisgeul am measg an t-sluaigh oir lean iad eisimpleir an Uachdarain, agus lean iad ris a’ chreideamh aige-san, nì a bha dualach do na Seann Ghàidheil a dhèanamh. Ann an ùine ghoirid bha na Druidhnich air am fuadachadh às an tìr; chuireadh an creideamh aca gu buileach air cùl; agus fhuair Calum còir o’n Rìgh air na h-àiteachan aoraidh a bha roimhe sin aig na Druidhnich.

  Shuidhich Calum Tigh-foghlaim ann an Ì, far an robh mòran dhaoine òga air an teagasg ann an eòlas nan Sgriobtar agus air an uidheamachadh gu dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air feadh na tÌre. Bhuannaich e rè ceithir bliadhna deug thar fhichead a’ searmonachadh anns gach àite air feadh na Gàidhealtachd gus an d’ thàinig na Gàidheil no na Pictich thuathach gu lèir gu bhi a’ creidsinn na fìrinn; agus tha e air aithris gun do thog e còrr agus trì cheud Ceall no Eaglais air feadh na h-Alba ann an caochladh àitean. Theirear “Cilltean” ris na h-àitibh aoraidh so gus an là an diugh mar a dh’ainmicheadh iad air tùs le Calum. Bha e fèin agus a chompanaich a’ saoithreachadh gun sgìos am measg an t-sluaigh gus an d’ fhuadaich iad saobh-chreideamh nan Druidhneach gu buileach a mach às an tìr agus an d’ thàinig an dùthaich gu h-iomlan gu bhi ag aideachadh a bhi creidsinn ann an Crìosd. Theirteadh “Cùildich” mar ainm ris an dream a bha ’n an co-luchd-oibre maille ri Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil.

  Fhuair Calum-cille bàs anns a’ bhliadhna A.D. 597, air oidhche Disathairne, an 9mh là d’ an Og-mhios. Mu mheadhan oidhche chaidh e steach do’n eaglais mar bu ghnàth leis a dhèanamh ùrnaigh. Chaidh e sìos air a ghlùinibh aig beulaibh na h-altarach. An ceann beagan ùine lean a sheirbhiseach, Diarmad, a stigh às a dhèidh, agus ghlaodh e a mach: “C’àit’ am bheil thu, athair?” Fhuair se e ’na shìneadh an làthair na h-altarach agus e cosmhail ris a’ chrìch dheireannaich. Thàinig na bràithrean uile a stigh an sin agus thòisich iad ri gul agus caoineadh an uair a chunnaic iad an athair spioradail cosmhail ri dol a chum a’ bhàis, ach smèid esan riutha le ’làimh o nach b’urrainn e labhairt, a’ ciallachadh gu’n robh e a’ guidhe beannachd orra, agus goirid an dèidh sin thug e suas an deò. An ceann trì làithean chaidh ’adhlacadh ann an Reilig Orain.

  Bha mòran de dhaoinibh diadhaidh ’nan luchd-cuideachaidh aig Calum-cille ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nan Seann Ghàidheal. An uair a thàinig e air tùs a nall à Eirinn thug e leis dà fhear dheug ’nan companaich. ’Nam measg so bha Diarmad, a sheirbhiseach, agus Beathain mac Bhreanain, a rinneadh ’na Abba air Ì-Chaluim-chille an dèidh a bhàis fèin. B’e Breanan bràthair athar Chaluim, agus thàinig a dhithis mac, Beathain agus Conan, còmhladh ri
s an teachdaire do’n Ghàidhealtachd. A rèir coslais ’s ann mar chuimhneachan air Conan so a thugadh Srath-Chonain mar ainm air àite ann an Siorramachd Rois. B’e Coinneach aon eile dhiubhsan a bha ’nan co-luchd-oibre le Calum, agus an dèidh bàs Bheathain rinneadh e ’na Abba air Ì, mu’n bhliadhna 600. Tha ainm Choinnich air a ghleidheadh air chuimhne ann an àiteachaibh air leth air feadh na Gàidhealtachd mar tha Cill-Choinnich an Cinntìre, Cill-Choinnich aig ceann sear Loch-Lagain am Bràighe Bhàideanach, Innis-Choinnich ann an Loch nan Ceal an Eilean Mhuile, Cille-Choinnich (Kilkenny) an Eirinn, agus àitean eile an Eirinn ’s an Albainn. Is ann de mhuinntir Eirinn a bha Coinneach agus bhuineadh e do Chlann Ruadhraidh ann am mòr-roinn Ulladh.

  B’e Ciaran mac an t-saoir aon eile de chomhaoisibh Chaluim-chille. Rugadh e anns a’ bhliadhna A.D. 515 agus fhuair e bàs anns a’ bhliadhna 549 ’n uair a bha e 34 bliadhna dh’aois. Bha Ciaran ’na dhuine foghlaimte agus diadhaidh agus bha a chliù air a sgaoileadh am fad ’s am farsainn air feadh Eirinn agus Albainn. Is ann mar chuimhneachan airsan a thugadh an t-ainm Cill-Chiarain air aon de sgìreachdaibh Chinntìre agus Cill-Chiarain (Kilkerran) ann an siorramachd Ara maille ri àitibh eile air feadh na h-Alba. Chithear an uamh anns am b’ àbhaist da bhi ’tàmh am fagus do Cheann-Loch-Chill-Chiarain, anns na creagan làimh ris a’ mhuir air taobh deas a’ bhaile.

  B’e Donnan aon eile de chompanaich Chaluim-chille. Gheibhear ainm an duine so air chuimhne ann an Cill-Donnain an Eilean Eige, agus Cill-Donnain, sgìreachd an taobh tuath Chataibh. Tha e air aithris gum b’e Donnan an t-aon neach a chuireadh gu bàs air son fianais Chrìosd ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nan Seann Ghàidheal. Tha cuid ag ràdh gun do mharbhadh e fèin agus leth-cheud eile ann an Eilean Eige, agus a rèir beachd muinntir eile, chaill e a bheatha ann an Cill-Donnain an Cataibh. Thachair so mu’n bhliadhna 617.

  Bha na ceud theachdairean soisgeulach so ’nan daoine foghlaimte, diadhaidh, saoithreachail agus thriall iad a bhos agus thall air feadh na Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba a’ cur an cèill sgeul aoibhneach na slàinte do’n luchd-àitich borb agus aineolach. Bha obair an creidimh agus saothair an gràidh gu minig air a bacadh leis na cogannaibh fuilteach a b’àbhaist a bhi eadar na fineachan Gàidhealach, na Scuitich agus na Pictich, ach a dh’aindeoin gach ana-cothrom agus cnap-starra a bha ’s an rathad bhuannaich iad ’nan saothair gus an do ghèill na Gàidheil gu h-iomlan do shoisgeul Chrìosd. A mach à Ì-Chaluim-chille chaidh na teachdairean Crìosdaidh a chum gach ceàrna dhe’n dùthaich gu ruig Cataibh, Gallaibh, agus Eileanan Arcaibh, agus gu ruig an t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas, Uibhist, Barraidh agus a’ chuid eile de eileanaibh na h-Airde ’n Iar an Alba.

  Bha Ì-Chaluim-chille ainmeil air son foghlam agus àrd-sgoilearachd, agus às a sin bha daoine foghlaimte a’ dol a mach a shearmonachadh an t-soisgeil air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa. Bhuadhaich an soisgeul am measg nan Seann Ghàidheal; bha Eaglais bheò, spioradail aig Crìosd anns an tìr, a bha ro-ghnìomhach ann an craobh-sgaoileadh an t-soisgeil am measg nam Pàganach Sasannach, ann am Breatann, agus anns a’ Ghearmailt. Cha’n ’eil mòran cunntais againn mu’n deidhinn ann an eachdraidh, ach tha iomradh am beatha air a sgrìobhadh ’s na h-àrdaibh ann an làthair na rìgh-chathrach.

  (30 November 1895)

  The Poems of Ossian

  The poems of Ossian have every appearance of antiquity. When people enter society the first communal stage that they establish is Hunting. The next stage is Herding, followed by Agriculture or Farming. The fourth stage is Commerce.

  Everyone who reads the poems of Ossian sees that he lived during the first stage; there is nothing in his poems but stalking and deer-hunting. It is likely that the Herding stage had begun, for there is reference to sharing the flock when a husband and wife separate from each other, but there is no mention of Farming or Commerce in any of the poems. From this one may conclude that Ossian was living when the Gaels were becoming acquainted with herding and cattle. This happened about the beginning of the 5th century.

  At that time the Gaels began to differentiate between their own property and the property of others. They began to build durable dwellings for themselves and filled these big houses with plunder from the south Britons who had been under the yoke of the Romans. In the year 426 the Romans left Britain, and then the Britons were bereft, unprotected and booty for the Gaels. They sent word to the Romans for help, and when the Romans were unable to do this they sent a message to the Saxons in Germany. The Saxons came over to help them, and the Gaels returned to their own land. Then the Scoti and the Picts, the two Gaelic tribes, began to fight against each other and raid for loot. Now, Ossian doesn’t mention any of these things. It is unlikely, then, that possessions were shared and that everybody had their own belongings in those days. It can therefore be reasonably assumed that Ossian lived before the Gaels began to share their goods about the beginning of the 5th century.

  From the things that we have mentioned one can believe that Ossian composed his poems around the end of the 3rd or the beginning of the 4rth century. His account of the Romans could not have been given after this time by a Gaelic bard researching the history of Rome. After this century the Gaels were so ignorant and had grown so barbaric that it was impossible for them to do such a thing. However, one may ask why the poems were remembered if they were composed as early as the 3rd century. First, let us answer by saying that when the matter is left to oral tradition it is as easy to remember something for two thousand years as it is for two hundred years, for the father must teach it to the son, and the son to the grandson, and so on. Since it is a feat of memory it is as easy for the son to learn it from his father, whether it was his father himself who composed it, or whether he had got from his grandfather or great-grandfather what other people had composed in centuries long past. The memory can retain one thing as well as another. And it must be understood that every clan chief among the Gaels had his own bard, whose customary role was to recite these poems in the presence of the establishment, for this pleased the clan chiefs, since every one of them believed that the champions mentioned by Ossian were their own ancestors.

  The chiefs encouraged the bards to memorize their poems by giving a prize to the one who could recite more of them. Therefore the bards competed with each other to see who could remember most poems; and they had specific times when they would recite them to a gathering of the chiefs. In this way the poems were remembered, and because of the pleasure that the Gaels got from them it was not easy to forget them. In addition to this we should be aware that the memory of those who cannot read or write is much stronger than the memory of those who rely on these props to help them. When the bards did nothing else during their lives but sing and recite these poems they could not possibly lose them. This also proves that Gaelic was the language spoken by the inhabitants of the land at that time, for they could only be remembered in the language of the people among whom they were composed in the first place.

  (30 Samhain 1895)

  Dàin Oisein

  Tha na h-uile coslais aosmhaireachd air Dànaibh Oisein. Nuair a dh’inntrinneas daoine ann an comunn is i staid na Sealgaireachd a’ cheud seòrsa cuideachd a chuireas iad suas, An dèidh sin thig staid na Buachailleachd; agus a rìs staid an Treabhachais no na Tuathanachd; agus an ceathramh staid, staid na Co-mharsantachd.

  A nise chì gach neach a leughas Dàin Oisein gur h-i a’ cheud staid anns an robh esan an làthair; cha’n ’eil nì air feadh a chuid dàn ach sealg is fiadhach. Is cosmhail gu’n robh staid na Buachailleachd a’ tòiseachadh oir gheibhear iomradh air roinn na treuda ’n uair a dhealaicheas fear agus bean o chèile; ach cha’n ’eil guth sam bith air Tuathanachd no air Co-mharsantachd air feadh nan Dàn uile. Faodar a cho-dhùnadh o’n nì so gu’n robh Oisean beò ’n uair a bha na Gàidheil a’ tòiseachadh ri eòlas ’fhaotainn air buachailleachd agus sprèidh. Thachair so mu’n cuairt do thoiseach na còigeamh linn.

  Aig an àm sin thòisich na Gàidheil ri dealachadh a chur eadar an cuid fèin a
gus cuid an coimhearsnaich. Air an àm so thòisich iad ri àitean-còmhnaidh seasmhach a thogail doibh fèin, agus lìon iad na taighean mòra so le creach nam Breatannach deas a bha fo chuing nan Ròmanach. Anns a’ bhliadhna 426 dh’fhàg na Ròmanaich Breatainn, agus an sin bha na Breatannaich rùisgte, gun dìdean, mar chreich do na Gàidheil. Chuir iad fios a chum nan Ròmanach air son cobhair, agus an uair nach b’urrainn do na Ròmanaich so a dhèanamh chuir iad teachdaireachd a dh’ionnsaidh nan Sacsonaich ’s a’ Ghearmailt. Thàinig na Sacsonaich a nall gu’n còmhnadh, agus phill na Gàidheil dhachaidh gu’n tìr fèin. Thòisich an sin na Scuitich agus na Pictich, an dà fhine Gàidhealach, air cogadh ri chèile, agus air togail na creach. A nise cha’n ’eil Oisean a’ dèanamh luaidh sam bith air aon de na nithibh so. Uime sin cha’n ’eil e cosmhail gu’n robh maoin air a roinn, agus a chuid fèin aig gach neach r’a linn-san. Uime sin faodar a cho-dhùnadh gu reusanta gu’n robh Oisean ann mu’n do thòisich an t-eadar-dhealachadh ann am maoin am measg nan Gàidheal mu thoiseach na còigeamh linne.

  O na nithean a chaidh ainmeachadh faodar a chreidsinn gu’n robh Oisean a’ seinn a dhàn mu dheireadh na treis no toiseach na ceathramh linne. An t-iomradh a tha e a’ dèanamh air na Ròmanaich cha b’urrainn bàrd Gàidhealach an dèidh an àm so a dhèanamh le bhi rannsachadh eachdraidh na Ròimhe; oir an dèidh na linne so bha na Gàidheil cho aineolach agus air fàs cho fiadhaich ’s nach robh e comasach dhoibh a leithid a dhèanamh idir. Ach, their neach, ciamar a chaidh na Dàin a ghleidheadh air chuimhne ma rinneadh iad cho tràth ris an treas linn? Air tùs freagramaid, an uair a thèid a’ chùis fhàgail aig beul-aithris, tha e cheart cho furasta rud a chumail air chuimhne fad dà mhìle bliadhna agus a tha e fad dà cheud bliadhna. Oir feumaidh an t-athair a theagasg do’n mhac, agus am mac do’n ogha, agus mar sin air adhart. Agus ’n uair is gnìomh cuimhne a tha ann tha e an t-aon chuid cho soirbh do’n mhac ionnsachadh o athair, cia dhiubh is e athair fèin a rinn e, no is ann a fhuair esan o shean-athair no o a shin-sean-athair an nì a rinneadh le daoinibh eile an linnibh o chian. Gleidhidh a chuimhne an dara nì cho math ris an nì eile. Agus a rithist feumar a thuigsinn gu’n robh a bhàrd fèin aig a h-uile Ceann-cinnidh am measg nan Gàidheal, agus gu’m b’i a dhreuchd ghnàthaichte a bhi ag aithris nan Dàn so air beulaibh nan uachdaran, oir bha so taitneach do na Cinn-fheadhna, a chionn gu’n robh gach aon dhiubh a’ creidsinn gu’m b’iad na gaisgich a tha air an ainmeachadh le Oisein an sinnseara fèin.