Free Novel Read

Fògradh, Fàisneachd, Filidheachd Page 16


  On the morning of Wednesday, May 6th, the ice began to disperse. Before evening it was pushed past by the strong current that comes from the Gulf of St. Lawrence and continues to flow out between Cape North and Newfoundland. In this way we escaped from the danger of the ice and met very little of it until we reached the end of our journey.

  While we were held captive by the ice I saw many small boats with two masts among the ice, waiting to catch seals. When the seals emerged from the sea during the warmth of the day, and lay down to sun themselves on a chunk of ice, they would fall asleep. The men jumped on them with sticks, clubs and guns and killed them when they found them sleeping. Then they took off their skins and blubber. I saw the ice red with the blood of the seals.

  When we were in the ice at Cape North I looked around me on all sides, and all I could observe was a wide expanse of ice on the surface of the ocean, as far as my eyes could see. I then remembered the words of the Psalmist: “He will throw out his ice like morsels: who can stand against his cold?” At that time I saw the ice spread on the surface of the sea like large morsels, for it was an accumulation of thick lumps spread around the ship. There I saw the power and majesty of the Supreme Being who made the ice and threw it out in fragments, like bites of bread or cubes of a big oatmeal bannock. I also understood that He who splintered it into bits was capable of saving us from any harm that it could inflict upon us.

  After six days on the ice, watching the summits of Cape North and the grey appearance of the rugged rocks that served as a wall of defence around its foundation, to save it from being knocked down by the buffeting of the tempestuous waves that incessantly struck its base, we raised the sails to the wind and sailed onward to the southwest.

  The following day we passed the Magdalene Islands, seven small islands in the Gulf of St. Lawrence, opposite Cape St. Lawrence in Cape Breton. On Friday we came close to Prince Edward Island, or Prince Ivor’s Island, a name derived from Prince Ivor, Duke of Kent, the queen’s father, for the French had called it John’s Island, after John the Baptist. None of the names is appropriate, and this proves how poor and deficient in vocabulary today’s people are in regard to place names compared with the old Gaels, who had a particular name for every island, loch, hill, river, glen and moor that they knew. I believe that they would have called Prince Edward Island the Long Island, because it is 140 miles long and 40 miles wide. We sailed past the east end of the island, between it and Cape Breton. This name is not apt for this island either. The old Gaels would have given it a much more pertinent name. The Isle of Lakes would have been more appropriate, since it is full of lochs and inland seas.

  I was eager to be in Pictou on Saturday night so that I could preach in the parish on the Sunday, but because the wind was against us we could not get into port earlier than Sunday evening. Therefore we didn’t disembark until Monday. On the tenth day of May we went into the port of Pictou and anchored there. We had been at sea for 39 days, for we had left Glasgow on April 2nd. We suffered plenty of distress and storm on our journey, but the Lord was favourable and he brought us to the port that we desired.

  Because of that our hearts were full of joy, since He had delivered us from every peril.

  TUILLEADH SGRIOBHAIDHEAN

  (15 Giblean gu 6 Cèitean 1893)

  Turas-Fairge do Aimeireaga 1846

  Mus deach Donnchadh Blàrach air imrich gu Canada dh’fhàg e “Cead Deireannach do Thìr nam Beann” mar shoraidh aig a luchd-dàimh is a luchd-eòlais. Seo na smuaintean agus na briathran a bha ’na inntinn nuair a bha e ag ullachadh airson a thurais:

  Air Diciadain an 18 là de’n Mhàrt 1846 ghabh mi slàn le m’ athair ’s mo mhàthair, le m’ bhràithribh, ’s le mo pheathraichean ann am Bàideanach. Is ann a dh’ aindeoin a rinn mi am fàgail. B’ èiginn dealachadh ri sgìreachd Lagain far an cuala mi an soisgeul air tùs ann an làithean m’ òige o bheul an Ollaimh Mhic Aoidh, agus o Mhr. Iain Ceanaideach, ministear a’ Chaisteal Ruaidh. B’ èiginn dealachadh ri Cinne-Ghiubhsaich far am minig a dh’ èist mi ri sgeul aoibhneach na slàinte o bheul Mhr. Sheppard, ministear na sgìreachd, agus mar an ceudna ris na bràithribh Crìosdaidh a bha fuireach san àite sin. B’ fheudar dealachadh ris na cnuic, na glinn agus na lagan uaigneach, ris na doireachaibh geugach, na badain choille, na h-uillt, agus na h-aibhnichean tormanach mu thimcheall Loch-Lagain far am b’ àbhaist domh siubhal leam fèin gun fhios am pillinn gu bràth ’gam faicinn.

  Slàn le Loch-Lagain a ’s tric a shiubhail mi, sìos agus suas a thaobh. Slàn le coilltibh agus le fàsaichibh Gheal-aghaidh air feadh am minig a thriall mi ’nam aonar. Slàn leis an Lùib-lèith far am b’ àbhaist domh a bhi beachdachadh air oibribh a’ chruthachaidh. Slàn le abhainn agus srath Phalaig far an do chaith mi cuid de làithibh m’ òige. Slàn le Aberardair far am bheil m’ athair agus mo mhàthair. Slàn leis na beanntaibh agus leis na gleanntaibh air feadh am b’ àbhaist domh bhi triall gu h-aotrom sunndach. Slàn leis na bràithribh Crìosdaidh ann am Bàideanach agus an Lochabar maille ris am b’ àbhaist domh comunn nèamhaidh a mhealtainn. Is èiginn dòmh-sa a nis bhur fàgail agus mo thuras a ghabhail air fairge gu tìr chèin fad air astar. Faodaidh nach faic agus nach coinnich sinn a chèile nas mò ann an gleann nan deur air thalamh, ach tha là a’ tighinn anns an coinnich càirdean Chrìosd a chèile mu ’n cuairt do ’n rìgh-chathair air nèamh, agus an sin cha dealaich iad ri chèile gu bràth. Gus a sin slàn leibh!)

  Air feasgar Diciadain a’ cheud latha de April chaidh sinn air bòrd luinge d’am b’ainm “An Lunndainn” aig Glascho, a bha gu seòladh as an àite sin gu baile Phictou ann an Albain Nomha (Nova Scotia), agus mu cheithir uairean sa mhadainn Diardaoin an 2mh là April thog sinn ar n-acraichean, agus dh’fhuasgail sinn bhon chala aig baile Ghlascho; mar sin dh’imich sinn air ar n-aghaidh.

  Thàirngeadh a mach sinn le bàta-toite a rinn ar tobhadh a mach gu beul Chluaidh cho fada ri Eilean Arainn. Mu naoidh uairean sa mhadainn chaidh sinn seachad air Grianaig ach cha do thadhail sinn aig a’ phort sin, oir ghabh sinn dìreach air ar n-aghaidh à Glascho gun stad. Mu cheithir uairean san fheasgar ràinig sinn mu choinneamh Eilean Arainn, agus an sin thill am bàta-toite air a h-ais. Aig an àm sin bha sinn am fradharc na creige mòire sin ris an abrar Ealasaid a’ Chuain. Bha i ’na suidhe thall mu’r coinneamh, cosmhail ri seann chaillich ’na gurradan air uachdar nan tonn, falt liathghlas a sìos m’a guailnibh, agus ianlaith na mara ri guileag agus sgriachail m’a timcheall. Bha neul na h-aoise air a gnùis bhric agus bu lèir a bhlàth air a h-aogas duaichnidh gun deach iomadh sìon agus stoirm us geamhradh thairis air a ceann. Ghabhadh a h-aois innseadh bho a h-aodann riabhach, leacach; agus bho’n a’ chiad latha a shuidh i sìos air uachdar nan tonn ann an doras Chluaidh is iomadh linn agus ginealach de chlainn nan daoine a chunnaic i a’ gabhail thairis bhon talamh a dh’ionnsaidh na siorraidheachd.

  Nuair thill am bàta-toite thog sinn na siùil ris an luing, agus air ball dh’èirich feochan de ghaoith ghreannaich bhon àirde ’n ear-thuath a rinn ar n-iomain a mach gu grad eadar Eirinn agus Maol Chinn-tire. Mu bheul an anmoich bha sinn eadar an dà àite so; chaidh mise a laighe mu dheich uairean; ach an dèidh mheadhan-oidhche shèid a’ ghaoth na bu treise, agus mu bhriseadh na fàire bha i ’na greann-ghaoith làidir ag at suas na fairge ’na tonnaibh ceannghlas. A thaobh gu robh i a’ sèideadh ’nar cùl cha robh sinn fada a’ call seallaidh air fearann agus an ceann ceithir uairean fichead bhon a dh’fhàg sinn Grianaig bha sinn còrr agus ciad mìle an iar bho Eirinn. Nuair a dhùisg mise anns a’ mhadainn Dihaoine bha mi ’gam thulgadh agus ’gam thonn-luasgadh bho thaobh gu taobh, air mo leabaidh, agus bha mi anabarrach tinn leis an tinneas-mhara. Cha b’urrainn mi biadh sam bith itheadh, do bhrìgh gu robh mi dìobhairt a h-uile nì a bha ’nam chom, gu ruig an domblas uaine. Ach, mu mheadhan-latha, thug an caiptean dhomh glainne de bhranndaidh agus briosgaid; an dèidh sin chaidh mi am feobhas, agus cha do dh’fhairich mi tuilleadh de thinneas-mara gus an do ràinig mi Aimeireaga.

  Nuair a dh’òl mi a
m branndaidh chaidh mi air clar-uachdair na luinge a bheachdachadh air an t-sìde, agus thug mi sùil mun cuairt domh air “cuan meamnach nan dronnag” a bha ag èirigh suas ’na bheanntaibh liathghlas mu thimcheall na luinge. Bha an “fhairge ’ga sloistreadh ’s ’ga maistreadh troimhe chèile”, agus air uairibh dh’èireadh an long air uachdar nan cnoc ceannghlas, ionnas gu robh mullach nan crann a’ beantainn ris na neòil. Air uairibh eile thuiteadh i sìos le aon slugadh anns na beanntaibh dubhghorm ionnas gun saoilteadh gum buaileadh a sàil air an aigeal. Bha a’ ghaoth a’ sèideadh gu cruaidh, sgalanta, bho’n ear-thuath, agus mar sin rinn i ar greasad air n-adhart a chum na tìre ris an robh ar n-aire. Cha robh nì againn ri dhèanamh ach ruith roimh ’n ghaoith agus mar so dh’iomaineadh sinn air ar n-adhart.

  Mhair a’ ghaoth a’ sèideadh, às an aon àirde, bho’n ear-thuath, gus an deicheamh latha de’n mhìos April; an sin thàinig ciùine mhòr agus sheas an long air Dihaoine. Bha sinn aig an àm sin am fagus do’n Tìr-Nomha, a’ cheud fhearann air an tigeamaid do Aimeireaga tuath. An ceann beagan uairean thionndaidh a’ ghaoth ris an iar-thuath agus thòisich i air sèideadh ’nar n-aghaidh. An sin dh’èirich gu h-obann stoirm ghailbheach, ànrathach, a chuir gach duine san luing ’nan cabhaig.

  Nuair a bha e a’ dlùthachadh ri meadhan-oidhche, dh’at an fhairge suas ’na beanntaibh, agus thòisich an long ri luasgadh air bharraibh nan tonn. Bha an cuan a’ slachdraich air taobhan na luinge, agus thàinig aon tonn aintheasach, gailbheach, agus bhuail e i air a deireadh. Thug e oirre breab a thoirt cosmhail ri each meanmnach; thilgeadh bun os cionn na cisteachan anns an robh mo leabhraichean agus m’aodach, maille ris gach nì a bha ann an seòmar na luinge, agus thaomadh a mach gach nì a bha ann an ciste nan cungaidhean leighis, a bhuineadh do’n Chaiptean, ionnas gu robh cuid de na soireachan-leighis air am bristeadh, agus gach nì a bha annta air chall.

  Shaoil leam gun do bhrist an tonn gailbheach so a stigh troimh chliathaich an t-soithich agus gum bitheamaid an grunnd a’ chuain a thiota. Dh’èigh mi ris an Tighearna air son tròcair, gun teasairgeadh e sinn bho’n chunnart anns an robh sinn. Cha tig an latha a dhiochuimhnicheas mi an clisgeadh a chuireadh orm leis an tonn aintheasach ud a bhuail air an luing. Dh’èigh an Caiptean a mach ris gach aon a bhi air clar-uachdair na luinge; chaidh gach seòladair, us còcaire, us stiùbhard a ghairm a mach gu cobhair a dhèanamh an àm na h-èiginn; chaidh gach duine ’na chabhaig agus gach làimh ’nan tarraing; agus an tiota beag leag iad na siùil mhullaich us mheadhain, us rinn iad am pasgadh ris na crainn. Cha d’fhàg iad sgòd no brèid gun tarraing a stigh, agus cha robh ri fhaicinn ach na crainn rùisgte ’nan seasamh. Nuair thug iad a nuas na siùil dh’iomaineadh an long, agus bha i gu mòr air a luasgadh thuige agus bhuaithe leis an doininn. Bhuanaich sinn anns a’ chor so gu briseadh na fàire.

  Air tùs bha eagal cho mòr orm agus nach b’urrainn mi dol a chadal; ach, an dèidh mheadhan oidhche, nuair a chuireadh an long air dòigh, ghabh mi misneach gu dol am shìneadh san leabaidh agus an sin thuit mi thairis ann am chadal. Thiomainn mi suas mo spiorad ann an làmhan an Tighearna, agus an uair a dhùisg mi ’s a’ mhadainn thug mi buidheachas do Rìgh nan Dùl, a chionn gu robh sinn fhathast sàbhailte agus gun tug e gu tèarainte sinn bho ghàbhadh na h-oidhche gu solas aobhach na maidne. An sin dh’èirich mi suas le subhachas, dh’ith mi biadh, agus ghlac mi misneach.

  B’i so a’ chiad stoirm uamhasach anns an robh mi air fairge agus mar sin chuir i am barrachd eagail orm. Ach cha robh anns an stoirm so ach toiseach ar n-ànraidh oir mhair a’ ghaoth a’ sèideadh bho’n iar-thuath rè trì seachdainean iomlan; bha sinn air ar luasgadh a null agus a nall leatha fad na h-ùine sin air na h-Oitiribh Mòra aig an Tir-Nomha (Banks of Newfoundland); agus bha sia no seachd a dh’oidhchibh againn na bu stoirmeile na an oidhche ud.

  Air Disathairne an 25mh là April bha stoirm uamhasach a’ sèideadh ’nar n-aghaidh. Chìteadh an fhairge a’ bòchdadh suas ’na beanntaibh àrda, agus nuair a bhiodh an long anns na glinn eadar na tuinn, chìteadh na stuadhan mòra liathghlas an crochadh gu h-àrd os ar cionn, a’ bagairt taomadh a nuas oirnn gu grad, gus an long a chur fodha. Cha b’urrainn do dhuine a chasan a chumail air a’ chlar-uachdair, ach bha gach neach a’ tuisleachadh mar dhuine air mhisg. Chunnaic sinn air an latha sin mill mhòra, agus beanntan àrda, ris an abrar cruachan-deigh, cosmhail ri Cruach Rainneach no Beinn-chruachan, ’nan suidhe mar “Ealasaid a’ Chuain” air na tuinn, a’ snàmh air uachdar na fairge, ach cha deachaidh sinn am fagus daibh, bhrìgh gun robh solas an latha againn son an seachnadh.

  Bha cunnart ann nam buaileadh an long air aon de na cruachan-deigh; dheanadh iad a cur as a chèile ’na sgealbaibh ann am prioba na sùla. Ach chaidh sinn tèarainte seachad air a’ chunnart so, oir bha an Tighearna gràsmhor dhuinn.

  Air Diardaoin an 30mh là April sguir a’ ghaoth bho’n iar-thuath do shèideadh, agus thionndaidh i ris an iar-dheas. Bha sinn aig an àm sin a mach air cùlaibh Cheap Breatainn agus bha a’ ghaoth an iar-dheas ro fhàbharach dhuinn do bhrìgh gun robh sinn a los seòladh timcheall air ceann a tuath an eilein sin, oir fhuair sinn fios bho longan ris an do choinnich sinn, gun robh Caolas Chanso làn deighe, ged a bha sinn a’ rùnachadh an toiseach seòladh troimh ’n Chaol. B’èiginn duinn uime sin tionndadh mun cuairt ris an àirde tuath; ach bha a nise cunnart eile am fagus duinn, oir air an oidhche sin fhuair sinn fios gun robh an deigh romhainn, agus nach robh i fada bhuainn. Thionndaidh sinn mun cuairt an long le cabhaig agus thill sinn air ar cùrsa. An sin thug sinn a nuas na siùil agus stad sinn rè na h-oidhche anns an àite sin.

  Nuair a shoillsich a’ mhadainn an ath latha, a’ cheud latha de’n Mhàigh, bha ceò mòr tiugh dùinte m’ar timcheall, agus cho luath ’s a thog an ceo suas dh’amhairc sinn a mach, agus feuch bha an deigh air iathadh mun cuairt duinn. Thàinig an t-olc sin oirnn roimh an robh eagal againn; chunnaic sinn thall mu’r coinneamh beanntan agus creagan an Rudha Thuathaich de Eilean Cheap Breatainn; oir bha sinn mu choinneamh Camus Ionganais. Agus bha Eilean Phòil beagan gu tuath oirnn, mu’n cuairt de dheich mìle mach bho’n Rudha Thuath. Bha sinn aig an àm so mu thuaiream deich mìle fichead bho Eilean Phòil.

  Tha an t-eilean so mu thimcheall trì mìle air fad agus mìle air leud; agus do bhrìgh gun do thachair mòran calla do longaibh aig an àite sin chuir luchd-riaghlaidh na Mòr-Roinn suas taigh-solais air gach ceann de’n eilean, a chum an t-slighe fheuchainn san oidhche dhuirche do na maraichean a bhios a’ fulang ànradh-cuain. Gu dealachadh a chur eadar an dà sholas anns an oidhche, tha an solas deas a’ dol mun cuairt, agus tha an solas tuath a’ seasamh gun charachadh. Dh’fhan sinn am fagus do’n eilean so sia làithean, bho mhadainn Dihaoine gu feasgar Diciadain, oir cha b’urrainn sinn dol a null no nall leis an deigh. Thug sinn iomad ionnsaigh agus oidhirp air faotainn a mach as a’ phrìosan anns an robh sinn ach dh’fhairtlich oirnn fad shia làithean. Gidheadh, bha an Tighearna fàbharach ruinn, agus chùm e a’ ghaoth ’na laighe, oir is gann a bha osag a’ sèideadh rè na h-ùine sin. Air oidhche Dimàirt dh’èirich gaoth làidir bho’n iar-thuath agus dh’iomain i an long agus an deigh a null ’s a nall, agus nuair a bhuaileadh an long air meall de’n deigh, shaoilinn gum biodh i na sgealbaibh ann an tiota.

  Air madainn Diciadain an 6mh là de Mhàigh, thòisich an deigh ri sgaoileadh, agus mun d’thàinig am feasgar ghabh i seachad leis an t-sruth mhòr a bha tighinn a mach bho Fhairge Labhrainn agus a’ sruthadh a mach eadar an Rudha Tuath agus an Tìr-Nomha. Mar so fhuair sinn fuasgladh bho chunnart na deighe, agus cha do thachair a’ bheag tuilleadh dhith oirnn gus an d’ràinig sinn ceann ar turais.

  Am feadh a bha sinn dùinte anns an deigh chunnaic mi mòran de longaibh beaga dà-chrannach a measg na deighe, agus daoine air bòrd annta, a’ feitheamh ris na ròin a ghlacadh. Nuair thigeadh na ròin às an fhairge ri teas an latha, agus a laigheadh iad sìos ’gan grianadh air meall de’n deigh, thuiteadh iad an sin ’nan cadal. Bha na daoine a’ leum orra le bataichean, le cuaillibh agus le gunnaichibh, agus ’gam marbhadh nuair a thigeadh iad orra ’nan cadal, agus
an sin bheireadh iad dhiubh am bian agus an t-saill. Chunnaic mi an deigh dearg le fuil nan ròn.

  Nuair a bha sinn dùinte anns an deigh aig an Rutha Thuath, bha mi a’ sealltainn mun cuairt air gach taobh dhomh, agus cha’n fhaicinn ach aon raon farsainn de dheigh air uachdar na fairge, cho fada ’s a ruigeadh mo shealladh. Chuimhnich mi an sin air briathraibh an t-Salmadair: “Tilgidh e mach a dheigh mar ghreamannan: cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair ’fhuachd?” Bha mi a’ faicinn aig an àm sin na deigh sgaoilte mach air uachdar na mara mar ghreamannaibh mòra; oir bha i ’na mìribh tiugh sgapta mu thimcheall na luinge. Chunnaic mi an sin cumhachd agus mòrachd an Tì a rinn an deigh, agus a thilg a mach i ’na bloighdibh, cosmmhail ri greamannaibh arain, ceathramhnaibh de bhonnach mòr arain coirce. Thuig mi mar an ceudna gun robh esan a sgealb ’na miribh i as a chèile comasach air sinne theasairginn bho dhochann sam bith a b’urrainn i dhèanamh oirnn.

  An dèidh dhuinn a bhi sia làithean anns an deigh, a’ beachdachadh air bideanaibh mullaich an Rudha Tuath, agus air aogas liathghlas nan creagan grìomach, a bha mar bhalla-dìon mun cuairt d’a bhonn, gus a theasairginn bho bhi air a leagail sìos le slachdraich nan tonn gailbheach a bha a’ sìor bhualadh gun sgur ris an iochdar, thòg sinn na siùil ris a’ ghaoith agus sheòl sinn air n-aghaidh ris an iar-dheas.