Free Novel Read

Fògradh, Fàisneachd, Filidheachd Page 14


  Rugadh Coinneach mac Choinnich, no Coinneach Odhar, am Baile na Cille, an sgìreachd Uige an Eilean Leòdhais, mu thoiseach na seachdamh ciadbhliadhain deug mu ’n àm anns an robh Seumas-a-Sia bho Albainn, no Seumas a h-Aon air Sasainn, ’na rìgh air Breatainn agus air Eirinn us Manainn. Chan eil a bheag sam bith air chuimhne mu làithean òige, ach a mhàin nuair a bha e anns na deugan, mun robh e fichead bliadhna dh’aois, mun d’fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b’urrainn dha innseadh ciod a thachradh anns an àm ri tighinn.

  Fhuair e a’ chlach air an dòigh so mar their cuid. Bha a mhàthair air feasgar àraid, a rèir a’ bheulràite, a’ buachailleachd a’ chruidh air an àirigh air leacainn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionn cladh Baile na Cille, an Uige. Mu mharbh mheadhan-oidhche chunnaic i a h-uile uaigh ’s a’ chladh a’ fosgladh agus dòmhlas mòr sluaigh ag èiridh às na h-uaighibh, beag us mòr, sean us òg, bho naoidhean gu sean-athair liath, agus a’ falbh gach rathad às a’ chladh. An ceann uarach de thìm thill iad air an ais agus chaidh iad a staigh do na h-uaighibh a rithist, agus dhùin gach uaigh mar a bha i roimhe. Thàinig màthair Choinnich am fagus do’n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gum bu bhoireannach dalma, smiorail i, chuir i roimpe gum biodh fios aice carson a bha an uaigh seo fosgailte nuair a dhùineadh càch. Ruith i agus chuir i a’ Chuigeal tarsainn air beul na h-uaghach (oir chual’ i nach b’urrainn do’n spiorad dol air ais a steach do’n uaigh fhad’s a bhiodh a’ chuigeal tarsainn oirre).

  An ceann beagan ùine thàinig rìbhinn àlainn, a’ snàmh troimh ’n iarmailt bho thuath a dh’ionnsaidh a’ chlaidh. Air teachd dhi thubhairt i ris a’ mhnaoi, “Tog do chuigeal bharr m’ uaigh agus leig dhomh dol air m’ ais gu m’ àros.” “Nì mi sin,” arsa an tè eile, “ma dh’innseas tu dhomh ciod e a chùm thu air dheireadh air càch.” Fhreagair an Taibhse, “Innsidh mi sin duit gun dàil. Bha mo thuras na b’fhaide na turais chàich, oir bha agam ri dhol do Lochlainn a Tuath (Norway). Is mise nighean Rìgh Lochlainn; bhàthadh mi nuair a bha mi ’gam fhairigeadh san tìr sin; thàinig mo chorp air tìr air a’ chladach so shìos fodhainn, agus thiodhlaiceadh mi anns an uaigh so. Mar chuimhneachan orm-sa agus mar dhuais duit fhèin air son do threun-mhisnich, bheir mi dhuit falachan sònraichte luachmhor. Falbh agus gheibh thu anns an loch ud thall clach bheag, chruinn, ghorm; thoir i sin do d’mhac Coinneach, agus leatha innsidh esan nithean a thachras an dèidh an àm so.”

  Rinn i mar a dh’iarradh oirre; fhuair i a’ chlach agus thug i seachad i do Choinneach a mac. Cha bu luaithe fhuair e a’ chlach na thàinig feart na fiosachd thuige, agus sgaoileadh a’ chliù mar fhiosaiche feadh na dùthcha. Bhiodh uaislean us ìslean a’ tadhal air agus a’ tighinn thuige air son fiosachd.

  Ach tha iomadh beulràite eile mu’n dòigh anns an d’fhuair Coinneach a’ chlach. Tha aon ag ràdh gun robh e ’na sheirbhiseach aig tuathanach, agus gun robh diomb aig bean an tuathanaich ris airson a bhriathran beurra, sgeigeil. Air latha sònraichte bha e a’ gearradh mòine leis an torraisgein fada bho ’n taigh agus b’èiginn an dinneir a chur thuige; chuir bean an tuathanaich puinnsean anns an dinneir gu cur às da. Ach mun d’thàinig an dinneir shuidh e a leigeil analach agus thuit e ’na chadal. Dhùisgeadh e le cabhaig, oir dh’fhairich e rud fuar air a bhroilleach. Chuir e a làimh air agus fhuair e clach bheag, gheal, agus toll ’na teis-meadhain. Sheall e troimh ’n toll agus chunnaic e sealladh air ais-innleachd na bana-mhaighstir. Thug e an dinneir do’n chù agus fhuair an cù am bàs gu dòrainneach.

  Tha beulràite eile ag ràdh gun robh e a’ gearradh mòine agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a’ feitheamh gus an tigeadh a bhean fhèin d’a ionnsaidh leis an dinneir. Thuit e ’na chadal agus nuair a dhùisg e dh’fhairich e rud cruaidh f’a cheann. Fhuair e an sin clach bheag chruinn agus toll troimh a meadhan; thog e i agus sheall e troimh an toll. Chunnaic e a’ bhean aige fhèin a’ tighinn d’a ionnsaidh le dinneir cabhraich agus bainne, air a puinnseanachadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a’ chloich, chaill e sealladh na sùla leis an d’amhairc e troimh an toll, agus bha e riamh tuilleadh cam, no aonsuileach, an dèidh sin.

  Tha Aoidh no Uisdean Muillear ag ràdh, anns an leabhar aige, “Scenes and Legends”, gun d’thàinig a bhana-mhaighstir d’a ionnsaidh le dinneir phuinnseanaichte. Fhuair i e ’na chadal air mullach sìthein, agus an àite dhùsgadh, chaill i a misneach, dh’fhàg i am meadar, no a’ mhias, ri a thaobh agus thill i dhachaidh. Dhùisg esan, ach mun do ghabh e an dinneir dh’fhairich e rud cruaidh ’na bhroilleach. Chuir e làmh air agus thug e mach clachag chruinn bhòidheach leis an d’fhuair e fios mu’n droch cleas a rinn a bhan-mhaighstir air.

  A rèir gach ràite tha e coltach gun robh a’ chlach ann, agus gun robh Coinneach ’ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Chan eil sinne a’ creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a’ chloich, ged a dh’fhaodadh i bhi na cloich mhìn, bhòidhich, ghorm-gheil agus toll innte cuideachd coltach ri clachan bòidheach a chunnaic sinn air cladach Ì Chaluim Chille agus Eilean Mhuile.

  Nuair a fhuair Coinneach clach na fiosachd sgaoileadh a chliù feadh na tìre mar fhiosaiche, agus bhiodh feadhainn a’ tighinn thuige às gach àite air son fios fhaotainn mu thimcheall na teachd-ùine. Mu thimcheall ciad gu leth bliadhna mu ’n do rinneadh an t-slighe-uisge, no an caolas-cladhaichte, eadar Inbhir Nis agus Inbhir-Lòchaidh, (an Caledonian Canal), thuirt Coinneach, “Ged is iongnadh leibhse an diugh e, thig an latha, ’s chan eil e fad às, anns am faicear làraichean Sasannach (’s e sin longan) air an tarraing le srianan còrcaich seachad air cùl Tom na h-Iùraich.” Thuirt e mar an ciadna, “Thig an latha far am bi rathad mòr troimh bheanntan Rois, o mhuir gu muir, agus drochaid air gach allt,” no “ribean air gach cnoc agus drochaid air gach alltan.” Mar an ciadna, “Thig an latha anns an lìon na caoirich mhòra an tìr, gus am buail iad a’ mhuir gu tuath.” “Bidh muileann air gach abhainn agus taigh geal air gach cnocan.” “Bidh criosan guaille tarsainn air gach sliabh.” “Thig bò mhaol odhar a stigh an t-Àite mòr, agus leigidh i geum aiste a chuireas na sia beannagan dhe an Taigh-Dhìge.” Saoilear gur e bàta-smùid a tha e ciallachadh.

  So fiosachd eile, “Thig an latha anns an cuir peirceall nan caorach mòra an crann air an fharadh. Nuair bhios na caoirich mhòr cho lionmhor us gun cluinnear mèilich an dara tè dhiubh leis an tè eile, bho Chonachra, ann an Loch-Aillse, gu Bun-dà-Loch, an Ceann-Tàile, bidh iad aig an àirde ’nam prìs, agus an dèidh sin thèid iad air an ais gus am falbh iad uile às an t-sealladh, agus thèid iad air dìochuimhne cho mòr is nach aithnichear peirceall caorach a gheibhear air càrn, no ciod am beathach d’ am buineadh e. Falbhaidh na seann Tighearnan às an tìr, agus thig ceannaichean Gallda ’nan àite, agus bidh a’ Ghàidhealtachd uile gu lèir ’na h-aon fhrìth mhòr fhiadh. Bidh an dùthaich cho gann de shluagh, agus cho fàs, as nach cluinnear gairm coilich gu tuath air Druim Uachdair. Theid an sluagh air imrich gu eileanaibh cian, nach fhaicear an diugh, ach a gheibhear a mach anns a’ Chuan Mhòr. An dèidh sin sgriosar agus bàthar na fèidh, agus na fiadh bhèistean eile leis na siantan dubha. Thig an sluagh an sin air an ais agus gabhaidh iad seilbh air fearann an sinnsearachd.”

  Fiosachd eile, “Thèid na Gàidheil gu Aimeireaga, ach thig iad air ais fhathast gus an tìr fhèin.” Mu thimcheall MhicLeòid Rathasaidh so fiosachd, “Nuair a thig Mac Dhòmhnaill Duibh bàn, MacShimidh ceann-dearg, Siosalach claon ruadh, MacCoinnich mòr bodhar, agus Mac Gille-Chaluim cam-chasach, iar-ogha Iain bhig à Ruigeath, ’s e sin am Mac Gille-Chaluim a’s miosa thàinig no thig; cha bhi mi ann ri a linn, ’s cha ’n fheàrr leam air a bhith.” Thachair an nì so; oir b’e am Mac Gille-Chaluim so, iar-ogha Iain bhig à Ruigeath, agus bha e cho struidheasach us gun do chaith e oighreachd a shinnsirean; agus bha na tighearnan eile chaidh ainmeachadh ’nan comhaoisean do Mhac Ghille-Chaluim so, leis na comharran orra a dh’ innis am fiosaiche.

  So fiosachd eile, “Nuair a thraoghas abhainn na Manachainn trì uairean,
agus a ghlacar Bradan Sligeach air grunnd na h-aibhne, is ann an sin a bhitheas an diachainn ghoirt.” Thiormaich abhainn na Manachainn cheana dà uair, an uair mu dheireadh air a’ bhliadhna 1826, nuair a bha tiormachd mhòr ann; chaidh a’ choille ’na teine ann am Miramichi, agus loisgeadh mòran thaighean ann mar an ciadna; agus bho cheann sia bliadhna diag ghlacadh ‘Bradan Sligeach,’ no Stirean no Stiorrach (Sturgeon) ann an grunnd na h-aibhne. “Fàsaidh an sluagh cho tais us gun teich iad às an dùthaich roimh armailt chaorach.” Chuireadh an tìr fo chaoirich, agus dh’ fhalbh an sluagh.

  Rinn Coinneach fiosachd chomharraichte mu thimcheall Clann Choinnich an Uillt-Bhòidhich (Fairburn), agus Caisteal no Tùr an Uillt-Bhòidhich (Fairburn Tower). “Thig an latha anns an caill Clann Choinnich an Uillt-Bhòidhich am fearann uile, agus thèid am meur sin de ’n fhine às an t-sealladh gus nach fàgar duine dhiubh air aghaidh na talmhainn. Bidh an caisteal fàs, air a thrèigsinn, gun duine ’ga àiteachadh no gabhail còmhnaidh ann; agus beiridh bò laogh ann an seòmar uachdrach an Tùir.” Thachair na nithean so uile do rèir na fiosachd. Chaill an teaghlach sin de Chloinn Choinnich an seilbhean gu h-iomlan; agus rug a’ bhò an laogh mar a dh’ innseadh, san t-seòmar uachdrach.

  Bho cheann beagan bhliadhnachan chaidh an Tùr fhàgail na fhàsaich; ghrod na dorsan agus thuit iad dheth, fear an dèidh fir, gus mu dheireadh nach robh doras idir air an staidhir mhòir shniomhain a bha ruigsinn bho’n bhonn gu mhullach. Bha ’n staidhir so de chloich agus mar sin seasmhach, maireannach. Bho chionn beagan ùine thaisg an tuathanach aig an robh a gabhail fodar ann an seòmar uachdrach an Tùir. Thuit part de ’n fhodar air an staidhir mar a bha iad ’ga ghiùlan an àird. Thàinig tè de ’n chrodh air latha àraid a dh’ionnsaidh doras an Tùir, agus air do ’n doras a bhi fosgailte, chaidh i staigh agus thòisich i air trusadh agus itheadh na sraibhlean a bha sgapte thall ’s a bhos air an staidhir. Lean i mar so a’ dol air a h-adhart bho cheum gu ceum de ’n staidhir gus an d’ràinig i am mullach. Chaidh i staigh do ’n t-seòmar ag ithe nan sraibhlean roimpe, agus air dhi bhi trom le laogh cha b’ urrainn i teàrnadh air a h-ais; uime sin dh’fhàg iad i anns an t-seòmar gus an do rug i an laogh, a bha ’na chreutair fallain, bòidheach. Dh’fhàg iad a’ bhò agus an laogh car ùine shònraichte anns an t-seòmar agus chaidh iomadh neach a mach à Inbhirnis gus am faicinn. Mar so bha fàisneachd Choinnich air a coilionadh gus an dearbh litir.

  Thuirt Coinneach, “Beirear nighean mhaol dhubh air cùl Eaglais Gheàrrloch.” Thachair so, aig cruinneachadh sluaigh, saothair-chloinne gu h-obann air mnaoi òig, a bha anns an èisteachd aig cùl na h-eaglais, agus mum b’urrainn dhaibh a giùlan air falbh às an àite, rug i an “nighean mhaol dhubh”. Tha sliochd na h-ighinn maoile dhuibhe so ri fhaicinn, agus ri fhaotainn, gus an latha an diugh, ann an Geàrrloch; agus mar so tha fiosachd Choinnich air teachd gu crìch.

  Rinn Coinneach fiosachd mu MhacLeòid Dhùn-bheagain: “Nuair a gheibh Tormad nan Trì Tormaid, mac na mnatha caoile cruaidhe Sasannaich, bàs le sgiorradh; nuair a reicear Maighdeannan MhicLeòid ri fear de na Caimbeulaich; nuair a bheireas galla-shionnaich cuain chuilean ann an aon de bhinneanaibh a’ chaisteil; agus nuair a bheirear air lom a’ Bhratach Shìth an uair mu dheireadh, siubhlaidh greadhnachas MhicLeòid air falbh; reicear a’ mhòr-chuid de ’n oighreachd ri coigrich; bidh am fine cho tearc us gun giùlain ‘curach bheag’ thairis air Loch Dhùn-bheagain na bhios ann de dh’ uaislibh de’n chinneadh.” Ach ùine mhòr fhada an dèidh sin thig ‘Iain Breac’ eile, agus aisigidh e an oighreachd, agus bidh cliù an taighe na ’s àirde na bha e riamh.”

  Thachair cuid de’n fhiosachd so. Mharbhadh Tormad nan Trì Tormaid nuair a shèideadh suas le fùdar an long-chogaidh an Queen Charlotte, air an robh e ’na oifigeach. Reiceadh na creagan d’ am b’ ainm “Na Maighdeannan” ri Aonghas Caimbeul, agus tha iad fhathast aig ogha dha mar sheilbh. Bha peata sionnaich aig Caiptean MacGilleain, a bha fuireach ann am mullach a’ Chaisteil, agus rug i cuain chuilean; agus chunnaic agus laimhsich Dr. MacLeòid, Tormad mòr Gàidhealach an Teachdaire, na cuileanan, air a’ bhliadhna 1799, air dhà bhi ann an Caisteal Dhùn-bheagain ’san Eilean Sgitheanach. Chunnaic e mar an ciadna aig an àm sin “Bratach Shìth” MhicLeòid ’ga toirt air lom às a’ chiste iarainn san robh i an tasgadh, air a dùnadh suas ann am bocsa fiodha chùbhraidh, deagh-bholtrach. Bha a’ bhratach na mìr ceithir-chearnach de shìoda luachmhor air fhigheadh le croisean tarsainn de shnàthainnaibh òir. Tha chuid eile de ’n fhàisneachd ri tighinn, ma thig i idir.

  Bheir sinn fainear a nis mar a thàinig crìoch a bheatha air Coinneach Odhar. Ri linn an darna Rìgh Teàrlach , an dèidh dha bhi air aiseag a chum a’ chrùin agus na rìgh-chathrach, chaidh Iarla Shìphoirt, Coinneach, an treas Iarla, air teachdaireachd gu Paris, baile mòr na Frainge, agus dh’fhàg e a’ Bhan-Iarla aig an taigh ann an Caisteal Bhrathainn. Dh’fhuirich an t-Iarla ùine fhada ann am Paris, agus thòisich a’ Bhan-Iarla air gabhail fadail agus iongnaidh nach robh e a’ tighinn dhachaidh. Mu dheireadh thall chaill i a foighidinn agus chuir i fios air Coinneach Odhar gus an innseadh e rudeigin di mu thimcheall an Iarla. Thàinig Coinneach a dh’ionnsaidh Caisteal Bhrathainn agus dh’fhaighneachd a’ Bhan-Iarla dheth am b’urrainn da innseadh cia-dhiùbh a bha an t-Iarla beò no marbh. Chuir Coinneach Clach na Fiosachd ri shùil agus, le àrd ghaireachdaich labhar, thuirt e ris a’ Bhan-Iarla, “Na biodh eagal sam bith ort mu thimcheall an Iarla; tha e slàn, fallain, teàrainte, cridheil, mireagach, sunndach.”

  Dh’fheòraich a’ Bhan-Iarla an sin ciod a bha e dèanamh agus cò bha timcheall air. Thubhairt Coinneach rithe, “Gu ma leòr leat na chaidh innseadh; na farraid ceist air bith; bi toilichte le fios gu bheil am morair slàn agus sunndach.” “Ach,” ars’ ise, “Càit’ am bheil e? Cò leis a tha e? Agus am bheil e dèanamh deisealachd airson tighinn dhachaidh?” Thubhairt am fiosaiche, “Tha am morair ann an seòmar mòr greadhnach, ann am measg cuideachd grinn, agus ri aighear ’us mire, ionnas nach eil guth aige air baile mòr na Frainge fhàgail aig an àm so.” Ach cha bu leòr am freagradh so leis a’ Bhan-Iarla; chuir i thuige Coinneach gus an innseadh e an t-iomlan mu thimcheall a fir. Ghuidh i le grìosadan, thairg i duaisean, agus mhaoidh i air le bagraidh, gus an innseadh e na b’aithne dha.

  Air do Choinneach e fhèin a chaisleachadh agus a chloimhdeachadh, thubhairt e rithe, “Bho ’n is àill leat fios fhaotainn air na dh’ fhàgas mì-thoilichte thu, is èiginn dhomh an fhìrinn innseadh dhuit. Is beag smuain a tha aig Morair MacCoinnich ort fhèin, no air a chlainn, no air a dhachaidh anns a’ Ghàidhealtachd. Chunnaic mis’ e ann an seòmar òraichte, air a chòmhdach le bhelbheid, sìoda agus aodach òir; bha e air a ghlùinean air beulaibh rìbhinn mhaisich, a làmh timcheall air a cneas, agus a làmh-se air a bhilean.”

  Nuair a chual’ a’ Bhan-Iarla so las i le feirg, agus dh’at i suas le h-àrdan. An fhearg a bha nàdarra gu leòr an aghaidh an Iarla, thionndaidh i gu h-eucorach an aghaidh an fhiosaiche. Ghabh i oirre nach robh i creidsinn na fiosachd, agus chuir i roimhpe am fiosaiche a chur gu bàs. Thubhairt i ri Coinneach, “Labhair thu toibheum mu àrd-inbhe, mhaslaich thu maithean na tìre, thug thu tàmailt do cheann-feadhna mòr an làthair a chinnidh. Thug thu tàir dhòmhsa agus do’n chaisteal, agus labhair thu gu sgainnealach mu ’n mhorair ann an lùchairt mhòr a shinnsear; air an adhbhar sin is èiginn dòmhsa do chur gu bàs.”

  Ghabh Coinneach iongantas agus uamhas nuair a chual’ e na briathran a labhair a’ Bhan-Iarla, a bha ’na bain-diabhal cruaidh-chridheach, ain-iochdmhor, gun tròcair. Shaoil leis an fhiosaiche gur h-ann a gheibheadh e duais air son ’fhiosachd, ach b’e an duais a fhuair e am bàs. Dh’òrdaich am boireannach mallaichte a thoirt a mach gu bhi air a losgadh ann am baraille tearra aig a’ Chananaich, le òrdugh Easbaig Rois, dhe ’n Eaglais Easbaigich Albannaich.

  Tha beulràite eile a’ tabhairt cunntais eadar-dhealaichte mu adhbhar feirge na Ban-Iarla ri Coinneach Odhar. Aig àm àraid, a rèir an iomraidh, bha cuirm mhòr agus cruinneachadh lìonmhor a dh’uaislean ann an Caisteal Bhrathainn. Bha òigridh nan àrd uaislean ’ga
n cluich fhèin air a’ bhlàr a muigh, air an àilean ghorm, timcheall a’ chaisteil. Thubhairt cuideigin ann an èisteachd Choinnich gum b’ainneamh a chìteadh tional cho lìonmhor de chlainn dhaoine uaisle. Fhreagair Coinneach gu sgallaiseach, “Is mò a th’ ann de chlainn ghillean-bùird, agus de chlainn ghillean-stàbaill, na th’ ann de chlainn dhaoin’ uaisle.”

  Tha beulràite eile ag ràdh gur h-ann a bha an òigridh a’ dannsadh ann an lùchairt mhòir a’ chaisteil an àite bhi ’gan cluich air an àilean, nuair a labhair Coinneach gu fanaideach umpa. Dh’aithriseadh briathran Choinnich do ’n Bhan-Iarla, agus ghabh i fhèin ’s na baintighearnan eile fearg ris, air son a bhi cur an amharas deagh-bheusan agus teistealachd mhnathan uaisle Rois, agus a’ toirt mì-chliù follaiseach orra mar sud. Dh’òrdaich i am fiosaiche a ghlacadh gun dàil; agus ged a theich e gu fhalach fhèin car tamaill, fhuaradh a mach mu dheireadh far an robh e. Nuair a chunnaic e nach robh dol às aige bho a naimhdibh chuir e clach na fiosachd ri shùil agus thubhairt e, “Chì mi fada romham, agus is lèir dhomh am breitheanas a thig air sliochd mo luchd-sarachaidh. Bidh seann teaghlach Iarla Shìophoirt air an dìtheachadh gu tur mun teid mòran linnean seachad. Chi mi ceann-feadhna, am fear mu dheireadh d’a theaghlach, araon bodhar agus balbh. Bidh ceathrar mhac àlainn aige, ach thèid iad uile roimhe fhèin do’n uaigh. Caithidh e a bheatha gu h-iomagaineach, agus gheibh e am bàs gu brònach, a’ caoidh gum bi sliochd a shinnsear air an dubhadh a mach gu bràth, agus nach bi MacCoinnich tuilleadh ri fhaotainn ’na Thighearna air Caisteal Bhrathainn no air Ceann-Tàile. An dèidh dha bròn a dhèanamh air son an fhir mu dheireadh d’a chuid mhac, am fear bu taitniche dhiubh, siùbhlaidh e fhèin, a’ dol do’n eug, agus bidh an oighreachd aige air a sealbhachadh le caileag air am bi currachd bàn, a thig bho ’n àirde ’n ear, d’ am bi e ’n dàn a piuthar a mharbhadh. Mar chomharra gun tachair so, bidh ceathrar thighearnan air am bi suaicheantas ’nan comh-aoisean do Iarla Shìophoirt mu dheireadh, a bhios bodhar agus balbh; ’s e sin Tighearna Storach (stor fhiaclach) Gheàrrloch, an Siosalach le milleadh-maighich, an Granndach Gòrach, agus Mac-Gille-Chaluim Gagach no manntach. Nuair a chì MacCoinnich Bhrathainn a’ cheathrar so, tuigear leis gu bheil am bàs an dàn da chuid mac; gun tèid an oighreachd gu coigrich agus gun dubhar às a theaghlach gu sìorraidh, gun fhireannach d’a shliochd a thogas ’ainm.”